settings icon
share icon
Ceist

Tha mi dìreach air m’ earbs’ a chuir ann an Iosa ... de a nis?

Freagairta


Meal do naidheachd! Tha thu air co-dhùnadh a ruighinn a bhios cudromach anns a’ bheath’ agad! Dh’ fhaodadh gu bheil thu ri faighneachd, “De a nis? Ciamar a thòisicheas mi air an turas seo còmhla ri Dia?” Bheiridh na còig cheumannan an seo dhuit stiùireadh bhon a’ Bhìoball. Nuair a bhios ceistean agad air do thuras, thig gu www.GotQuestions.org/Gaidhlig.

1. Dèan cinnteach gu bheil thu a’ tuigsinn teàrnadh.

Tha 1 Eòin 5:13 ag innse dhuinn, “Na nithean seo sgrìobh mi do bhur n-ionnsaidh, a tha ’ creidsinn ann an ainm Mhic Dhè; chum gum bi fios agaibh gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh.” Tha Dia a’ miannachadh gun tuig sinn teàrnadh. Tha Dia ag iarraidh gum bi sinn cinnteach gu bheil sinn air ar teàrnadh. Thig sinn tarsainn gu h-aithghearr air na puingean chudromach co-cheangailte ri teàrnadh:

(a) Tha sinn uile air peacachadh. Tha sinn uile air nithean a dhèanamh nacheil rèidh ri Dia. (Ròmanaich 3:23)

(b) Air sgàth peacadh, tha sinn airidh a bhi air ar peanasachadh le bhi dealaichte bho Dhia gu sìorraidh. (Ròmanaich 6:23).

(c) Fhuair Iosa bàs air a’ chrois air son am peanas a phàigheadh airson na peacannan againne. (Ròmanaich 5:8; Corintianach 5:21). Bhàsaich Iosa na ar ’n àite, a’ gabhail am peanas air an robh sinne airidh. Dhearbh an aiseirigh gu robh bàs Iosa gu leòr airson na peacannan againn am pàigheadh.

(d) Tha Dia a’ toirt seachad maitheanas agus teàrnadh dhaibhsan uile a chuireas an earbs’ ann an Iosa – a’ creidsinn gun phàigh a bhàs airson na peacannan againn. (Eòin 3:16; Ròmanaich 5:1; Ròmanaich 8:1).

Sin an teachdaireachd mu thimcheall teàrnadh! Ma tha thu air d’ earbs’ a chuir ann an Iosa Crìosd mar do Shlànaighear, tha thu air do theàrnadh! Tha do pheacannan uile air a maitheadh dhuit, agus tha Dia a’ gealltainn nach fhàg e agus nach trèig e thu (Ròmanaich 8:38-39; Mata 28:20). Cuimhnich, tha do theàrnadh sàbhailt’ ann an Iosa Crìosd (Eòin 10:28-29). Ma tha earbs’ agad ann an Iosa a mhàin mar do Shlànaighear, faodaidh tu bhi cinnteach gum bi thu còmhla ri Dia ann a’ nèamh fad na sìorraidheachd!

2. Faigh lorg air eaglais mhath a bhios a’ teagaisg a’ Bhìoball.

Na bi beachdachadh air an eaglais mar thogalach idir. Se na daoine an eaglais. Tha e glè cudromach gum bi co-chomann aig creidmhich Iosa Crìosd. Sin aon de na prìomh adhbharan airson an eaglais. A chionn ’s gu bheil thu air d’ earbs’ a chuir ann an Iosa Crìosd, bheireadh sinn comhairle ort feuchainn ri eaglais a’ lorg faisg ort a tha creidsinn anns a’ Bhìoball, agus facal fhaighinn air a’ mhinistear. Innis dha mu dheidhinn do chreideamh ann an Iosa Crìosd.

Se an dara adhbhar airson eaglais, am Bìoball a theagaisg. Ionnsachaidh tu mar a chleachdas tu riaghailtean Dhè na do bheatha fhèin. Tha bhi a’ tuigsinn a’ Bhìobaill glè chudromach ann a bhi beò gach là ann am beatha shoirbheachail, Chrìosdail. Tha 2 Timoteuis 3:16-17 ag ràdh, “Tha an sgriobtair uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tarbhach chum teagaisg, chum spreige, chum leasachaidh, chum oilein ann am fìreantachd: chum gum bi òglach Dhè coimhlionta, làn deas chum gach uile Fheadh oibre."

Se treas adhbhar an eaglais, adhradh. Tha adhradh againn airson taing a thoirt do Dhia airson na rinn e! Shàbhail Dia sinn. Tha gaol aig Dia oirnn. Tha Dia ag ullachadh dhuinn. Tha Dia a’ toirt stiùireadh dhuinn. Nach bu chòir dhuinn taing a thoirt dha? Tha Dia naomh, fireanteach, gràdhach, tròcaireach, agus làn de ghràs. Tha Taisbeanadh 4:11 ag ràdh, “Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h-uile nithean, agus airson do thoil-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.”

3. Cuir a thaobh ùine gach là airson smuaineachadh air Dia.

Tha e glè chudromach gun cuir sinn seachad ùine gach là a’ smuaineachadh air Dia. Bidh feadhainn ag ràdh gur e “àm ciùin” a tha seo. Càinidh feadhainn eile gur e “àm coisrigidh” a th’ ann, oir ’s gur e ùin’ a th’ ann a tha sinn a’ coisrigeadh do Dhia. ’S fheàrr le feadhainn seo a dhèanamh anns a’ mhadainn, agus tha feadhainn eile ’s gur e an oidhch’ as fheàrr leo. Chaineil diofar ann gur de an t-ainm a th’ agad air an seo, no cuin a tha thu dha dhèanamh. Se tha cudromach gu bheil thu a’ cuir seachad ùine còmhla ri Dia. De tha lìonadh an ùine sin againn còmhla ri Dia?

(a) Ùrnaigh. Chaineil ann an ùrnaigh ach a bhi bruidhinn ri Dia. Innis do Dhia mu dheidhinn do shuidheachadh agus do thrioblaidean. Iarr air Dia gliocas agus stiùireadh a thoirt dhuit. Iarr air Dia ullachadh a dhèanamh airson na feuman agad. Innis do Dhia mu dheidhinn an gaol a th’ agad air, agus cho taingeil ’s a tha thu airson na tha e a’ dèanamh dhuit. ’S ann air nithean mar sin bu chòir ùrnaigh a bhi.

(b) Leughadh a’ Bhìoball. Còmhla ri bhi faighinn oideachadh bho ’n Bhìoball anns an eaglais, an Sgoil Shàbaid, agus/neo sgrùdadh a’ Bhìobaill ann am buidheann – feumaidh tu bhi leughadh a’ Bhìoball leat fhèin. Tha a h-uile càil anns a’ Bìoball air a bheil feum agad airson beatha shoirbeachail, Chrìosdail a bhi agad. Tha e ’g innse dhuit gur de mar a thig thu gu co-dhùnaidhean ceart, ciamar a dh’ aithnicheas tu rùn Dhè, ciamar a fhritheileas tu feadhainn eile, agus ciamar a dh’ fhàsas tu gu spioradail. Se facal Dhè dhuinn a th’ anns a’ Bhìoball. Se leabhar teagaisg dhuinn a th’ anns a’ Bhìoball; tha e a’ sealltainn dhuinn mar bu chòir dhuinn ar beath’ a chuir seachad ann an dòigh a tha tlachdmhor do Dhia agus a dh’ fhàgas sinn fhìn riaraichte.

4. Tòisich a dèanamh càirdeas ri feadhainn a bheireas cuideachadh spioradail dhuit.

Tha 1 Corintianach 15:33 ag innse dhuinn, “Na meallar sibh: truaillidh droch chomhluadar deagh bheusan.” Tha am Bìoball làn de rabhaidhean mu dheidhinn a’ bhuaidh as urrainn a bhi aig “droch” dhaoine oirnn. Tha sinn cunnartach a bhi air ar mealladh le cur-seachadan nan daoine sin ma tha sinn a’ cuir seachad ùine còmhla riutha. Bidh an cliù cunnartach leantainn ruinn. Sin mar bu chòir dhuinn feuchainn ri bhi timcheall air feadhainn eile aig a bheil gaol air an Tighearna, agus a tha air am beath’ a thoirt dha.

Feuch an lorg thu caraid neo dhà, dh’ fhaodadh bho ’n eaglais agad, as urrainn do chuideachadh agus misneachd a thoirt dhuit (Eabhraich 3:13; 10:24). Iarr orra sùil a chumail ort leis an àm ciùin agad, do chur-seachadan, agus do cheum còmhla ri Dia. Faighnich dhaibh an urrainn dhuit an aon rud a dhèanamh dhaibhsan. Chaineil seo idir a’ ciallachadh gu feum thu sguir a choinneachadh do charaidean aig nacheil Iosa Crìosd mar Shlànaighear. Cum ort a bhi nad charaid, agus seall gaol dhaibh. Dìreach innis dhaibh gu bheil Iosa air atharrachadh a dhèanamh na do bheatha, agus nach urrainn dhuit a bhi dèanamh na rudan a b’ àbhaist dhuit. Iarr air Dia cothroman a thoirt dhuit Iosa a thoirt dhan chòmhradh a-measg do charaidean.

5. Bi air do bhaisteadh

Tha mòran ann aig nacheil tuigse ceart mu dheidhinn baisteadh. Tha am facal “baist” a’ ciallachadh a bhi còmhdaichte le uisge. Se baisteadh an dòigh sgriobtarail sealltainn don mhòr-shluagh gu bheil thu a’ creidsinn ann an Crìosd agus gu bheil thu ga leantainn. Tha a bhi dol fo ’n uisge mar gum biodh coltach ri bhi air d’ adhlaiceadh còmhla ri Crìosd. Tha a bhi a’ tighinn a-mach as an uisge mar shamhla air aiseirigh Chrìosd. Tha bhi air do bhaisteadh dha do cheangal ri bàs, adhlacadh, agus aiseirigh Chrìosd (Ròmanaich 6:3-4).

Chan e baisteadh a shàbhaileas tu. Cha ghlan baisteadh air falbh do pheacannan. Chaineil ann am baisteadh ach ceum ùmhlachd, a’ sealltainn gu follaiseach d’ earbs’ ann an Crìosd a mhàin airson teàrnadh. Tha baisteadh cudromach a chionns gur e ceum ùmhlachd a th’ ann – a’ sealltainn d’ earbs’ ann an Crìosd gu follaiseach, agus an dàimh a th’ agad dha. Ma tha thu deiseil airson do bhaisteadh, bu chòir dhut bruidhinn ri ministear.

English



Till gu duilleag dachaigh Gàidhlig na h-Alba

Tha mi dìreach air m’ earbs’ a chuir ann an Iosa ... de a nis?
© Copyright Got Questions Ministries