Ceist
An e Iosa Dia? An d’ thuirt Iosa a-riamh gur e Dia?
Freagairta
Chaineil e idir air nochdadh anns a’ Bhìoball gun d’ thuirt Iosa na facail, “Is mise Dia.” Chaineil sin a’ ciallachadh, gu tà, nach tug e guth air. Gabh mar eisimpleir facail Iosa ann an Eòin 10:30, “Mise agus an t-Athair, is aon sinn.” Anns a’ chiad dol-a-mach, dh’fhaodadh nach eil sin coltach ri bhi ag ràdh gur e Dia. Gu tà, thoir sùil air mar a ghabh na h-Iudhaich ri na facail aige, “Airson oibre maithe chaineil sinn ga d’ chlachadh; ach airson toibheim, agus airson, air bhi dhuit-sa a’ d’ dhuine, gu bheil thu dèanamh Dè dhiot fèin.” (Eòin 10:33). Bha na h-Iudhaich a’ cumail a-mach gu robh e ag ràdh gur e fhèin Dia. Anns na h-earrannan a leanas, chaineil Iosa a’ ceartachadh nan Iudhaich le bhi ’g ràdh, “Cha d’ thuirt mi idir gur mi Dia.” Tha sin a’ sealltainn gu robh Iosa ag ràdh gur E Dia nuair a thuirt e, “ Mise agus an t-Athair, is aon sinn” (Eòin 10:30). Tha eisimpleir eile ann an Eòin 8:58. Thuirt Iosa, “Mun robh Abrahàm ann, THA MISE.” A-rithist, bha na h-Iudhaich airson a chlachadh (Eòin 8:59). Carson a bhiodh na h-Iudhaich ag iarraidh Iosa a chlachadh mur an robh E air rudeigin a’ ràdh a bha iadsan a’ smaoineachadh a bha toibheumach, se sin, gur E Dia?
Tha Eòin 1:1 ag ràdh, “b’ e am Facal Dia.” Tha Eòin 1:14 ag ràdh, “rinneadh am Facal na fheòil.” Tha seo a’ sealltainn gur e Dia anns an fheòl a th’ann an Iosa. Tha Gnìomharan 20:28 ag innse dhuinn, “thugaibh aire dhuibh fèin, agus don treud uile … a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich E le fhuil fèin.” Cò a cheannaich an eaglais le fhuil fèin? Iosa Crìosd. Tha Gnìomharan 20:28 ag innse gun cheannaich Dia an eaglais le fhuil fèin. Mar sin, is e Iosa Dia!
Thuirt an deisciobal Tòmas mu dheidhinn Iosa, “Mo Thighearn’ is mo Dhia” (Eòin 20:28). Cha do cheartaich Iosa e. Tha Titus 2:13 dha ’r misneachadh a bhi feitheamh ris an Dia agus an Slànaighear againn a thighinn – Iosa Crìosd. (Seall cuideachd ri 2 Peadar 1:1). Ann an Litir nan Eabhruidheach 1:8, tha an Athair ag ràdh mu dheidhinn Iosa, “Ach ris a’ Mhac tha e ag ràdh, Tha do rìgh-chaithir, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat-rìoghail ro chothromach slat do rìoghachd.”
Anns an Taisbeanadh, thuirt aingil ris an Abstol Eòin gun a bhi ’g adhradh ach do Dhia (Taisbeanadh 19.10.Tha Iosa a’ faighinn adhradh iomadach uair ann an Sgriobtair (Mata 2:11; 14:33; 28:9,17; Lucas 24:52; Eòin 9:38).
Chaineil E a’ cronachadh neach aig àm sam bith airson adhradh a dhèanamh dha. Muir a be Dia a bh’ ann an Iosa, bha E air a’ ràdh ri daoine gun adhradh a dhèanamh dha, dìreach mar a rinn an aingil anns an Taisbeanadh. Tha mòran earrannan agus rannan eile ann an Sgriobtair a tha ri dearbhadh gur e Iosa Dia.
Se an rud as cudromaiche airson Iosa a bhi Dia; mur E Dia, cha robh a bhàs air a bhi gu leòr airson am peanas a phàigheadh airson peacannan an t-saoghail air fad. (1 Eòin 2:2). Cha b’ urrainn ach do Dhia am peanas neo-chrìochnach ud. Cha b’ urrainn ach do Dhia peacannan an t-saoghail a thoirt air fhèin (2 Corintianach 5:21), bàs fhaotainn, agus èirigh a-rithist – a’ dearbhadh a’ bhuaidh a bh’ aige thairis air peacadh agus bàs.
English
An e Iosa Dia? An d’ thuirt Iosa a-riamh gur e Dia?